FANDOM

2,054,106 Pages

StarIconBronze
LangIcon
An Ros

This song is by Runrig and appears on the album Play Gaelic (1978).

Ged 's breagha an ros le dhuilleagan sioda
Faile cho cubhraidh, cubhraidh bho chridh
Na buain e ri'd mhairean oir ni e do mhealladh
Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgeith.

Chreid mi na briathran, a h-uile ni riamh dheth
Gur breagha 's gur cubhraidh, cubhraidh am blath
Bhuain mi am fluran, mar Adhamh an ubhlan
'S leonadh mo chridhe, mo chridhe gu brath.

Tha mi nis a crionadh is m'inntinn air phianadh
'S mo shuilean a sior, sior shileadh dheur
'S ged 's tric rinn mi gaire, tha sin nis air an fhaire
'S mo chridhe briste bruite, briste bruite gu leur.

Ged 's breagha an ros le dhuilleagan sioda
Faile cho cubhraidh, cubhraidh bho chridh
Na buain e ri'd mhairean oir ni e do mhealladh
Tha dubhan geur puinnsein, geur puinnsein fo sgeith.

Credits

Music by:

Rory Macdonald

Lyrics by:

Morag Montgomery

External links

Community content is available under Copyright unless otherwise noted.